Thog Am Bàta Na Siùil
[Fonn / Tune]
Thog am bàta na siùil,
Hi ri u ì u.
Mach à Colla gu Rùm.
Hi ri u ì u.
[Séisd:]
Hi ri ri u o,
O hi ibh o,
Ho ro hùribh o ho ro.
Mach à Colla gu Rùm,
Hi ri u ì u, [etc.]
O Uibhist a' bhrùc,
Hi ri u ì u, [etc.].
Gu Hiort nan eun fionn.
Bha mo leannan-s' air a stiùir,
Fear a's guirme dà shùil;
Fear a's gile cùl dùirn,
Fear a's clannaiche cùl.
'S truagh nach robh mi 's mo ghràidh
Air eilean mhara nach tràigh,
Gun bhàta, gun ràmh,
Gun eòlas air snàmh.