Thogainn Fonn Air Lorg An Fhéidh
[Fonn / Tune]
‘S miann le breac a bhi ‘n sruth cas,
‘S miann le boc bhi ‘n doire dhlùth,
‘S miann le eilidh bhi ‘m beinn àrd,
‘S miann le sealgair falbh le chù.
[Séisd:]
Bheir mi hó air mora hó,
Ithill ó air mora hé;
Bheir mi hó air mora hó,
Thogainn fonn air lorg an fhéidh.
Nithean sin do’n d’thug mi spéis,
‘S bu mhiannach leam iad bhi am chòir;
Mo ghunna glaic air deagh ghleus,
Dìreadh ri beinn, is bean òg.
‘S nithean sin do’n tug mi fuath,
Do bhean luath ‘s do chù bhiodh mall,
‘S do shean daoine nach biodh glic;
‘S do bhean bhig nach altrum clann.
Bu mhiann leam ri latha fuar,
Dìreadh suas ri aonach cas,
Nuair a thilginn mac an fhéidh,
Coin air éill, ‘s ga ‘n leigeil as.
Leam bu mhiann bhi ‘siubhal bheann,
Osan teann a bhi mu m’chos;
Brògan iall is gunna cruaidh,
Eilid ruadh is cù m’a dos.