Thug Mi Mo Làmh Do'n Eileanach
[Fonn / Tune]
[Séisd]
Thug mi mo làmh don Eileanach,
Ged theireadh càch nach toigh leam thu;
A fhleasgaich bhàin nan sùilean tlàth
Gur tu mo ghràdh 's cha cheil mi e.
Ged theireadh luchd an tuaileis riut
Gun tug mi gaol don tuathanach,
'S mór gur feàrr leam thusa, ghaoil,
Na tha chrodh-laoigh air bhuaile aig'.
Cha chùram duinn 's an t-slàint' againn,
Ged tha gruaim mo chàirdein rium;
Gun seòl mi leat thar bhàrr nan stuadh
'S taobh thall den chuan gun gluais mi leat.
Tha m' inntinn-sa cho sòlasach
On fhuair mi 'n ceangal pòsaidh riut;
'S a-nochd fhèin cha dèanainn suaip
Ged gheibhinn duais Bhictoria.
Gur e mo ghaol an t-òganach
Tha dreachmhor, uasal, foghlaimte;
Is ìomhaigh 'n t-saighdeir ann ad ghnùis,
'S gun siùbhlainn fhìn 'n Roinn Eòrpa leat.
Gur glan, deas, dìreach, pearsant' thu,
'S bidh claidheamh an truaill mar chleachdadh ort,
'S gur àilleagan, le mìle sùil,
Fo fhèile ùr nam pleata thu.
Gur tric a dh'fhalbh mi còmhla riut
A shealgaireachd nam monaidhean;
'S bu lìonmhor geàrr is coileach-fraoich
An làimh an laoich sa ghlomanaich.
Gun d' fhuair mo chàirdean coire dhomh
O'n latha chaidh mo shloinneadh riut,
Ach gus an càirear mi san uaigh
Cha toir mi fuath don Eileanach.