Tìr Nam Beann Àrd
[Fonn / Tune]
Togaibh fonn air an fhonn a bha calm agus cruaidh,
Am fonn thar gach fonn feadh an t-saoghail thug buaidh;
'S do dhùthaich nam beann anns gach cruadal is càs,
Air cuan no air tìr bidh sinn dìleas gu bàs:
Tìr nam beann àrd'.
Air dhomh-sa bhi sgìth anns na h-Innseachan céin,
Is m'fheòil air a pianadh le dian theas na gréin',
Gur tric ann am inntinn thig muinntir mo chridh'
Is Tìr nam Beann Àrd' anns na dh'àraicheadh mi:
Tìr nam beann àrd'.
Ged shiùbhlainn an saoghal fead aonach is fonn,
Ged sheòlainn gach àite feadh bhàrcaich nan tonn,
Ged thriallainn gach gleann agus beann tha fo'n ghréin,
'Si 'n tìr a rinn m'àrach as àillidh leam fhéin:
Tìr nam beann àrd'.
Mar sin cuiribh fàilt', cuiribh fàilt' air gach aon
De'n t-sluagh do'm bu dual a bhi cruaidh agus caoin,
'Sa chaoidh bidh sinn caomh agus coibhneil ri chéil'
Mar dhream nach robh riamh do na naimhdean fo ghéill.
Tìr nam beann àrd'.