Tuireadh na Hiortaich
[Fonn / Tune]
Tha sinne brònach 's is beag an t-iongnadh,
Is tha sinn cianail an-diugh air fògradh;
Tha'n cuan an iar le chuid thonnan fiadhaich,
'G ar sgaradh cian bho ar n-àite-còmhnuidh.
Tha sinn mar chaoraich an so gun bhuachaill,
'S sinn sgapt' measg sluaigh air nach eil sinn eòlach;
Ach 's tric ar smuaintean ri snàmh nan cuaintean
Do eilean uaine nan cluaintean bòidheach.
Tha Hiort na fuaran 's na sgeirean gruamach,
Am meadhon cuain 's chan eil duine beò ann;
Na h-eòin mu'n cuairt air ri gabhail uamhais,
O'n dh'fhalbh an sluagh a bh'ann uair ri còmhnaidh.
Na tighean blàth anns an cluinnte Gàidhlig,
Théid iad 'n an càirntean 's bidh tàmh aig eòin annt';
Cha bhi am buachaill le chù 's le chuaille
Na 's mó 'g am fuadach le fuaim a chòmhraidh.
Tha'n eaglais fuar 's chan eil clag 'g a bhualadh,
Cha tional sluagh ann air maduinn Dòmhnaich;
Cha chluinnear seinn ann na fonn an aoibhneis,
Tha 'n tìr ri caoidh chionn nach till na seòid ud.
Cha b'e gu h-àraidh a dhol thar sàile,
Chuir sinn fo àmhghar 's a dh'fhàg sinn brònach;
Ach mar a sgaoileadh air feadh gach taobh sinn,
'S nach fhaic sinn aon air a bheil sinn eòlach.
Ged tha an sluagh measg a bheil sinn truasail,
Tha 'n cànain cruaidh 's tha iad fuar nan dòighean;
'S ann bha sinn suaimhneach far 'n d'thogadh suas sinn,
Le Gàidhlig uasal 'g a luaidh an còmhnaidh.
An uair bhiodh àmhghar aig neach 's an àite,
Gach duine chàich bhiodh le bàigh 'g a chòmhnadh;
Chan fhaighte gamhlas 'n am measg, na aimhreit,
'S e sud na glinn anns nach cluinnte fòirneart.
Tha sinne cràiteach o'n rinn sinn fhàgail,
Chan e gu h-àraidh gun d'fhàg sinn stòras;
'S e chuir fo phràmh sinn na tha d'ar càirdean,
'N an laighe sàmhach 's iad càirt' fo'n fhòd' ann.
Soraidh slàn leibh gu'n teich na sgàilean,
Far bheil sibh tàmh cha bhi càch 'n ur còir ann;
Tha sibhse sìnt' anns an tìr bu mhiann leibh,
Is eòin ri sgriachail mu'r n-àite-còmhnuidh.
Mu'n cuairt do'n àite 's a bheil sibh càirte,
Cha chruinnich càirdean 's cha shìlear deòirean;
Bidh ur n-uaighean 'n an tulaich' uaine,
Bidh feur gun bhuain orr' 's an sluagh air fògradh.
'S e sgur de m'òran is iomchuidh dhòmhsa,
Le briathran beòil meud mo bhròin chan innsear;
Ceud soraidh slàn leat o eilean ghràdhaich,
Far'n deadhaich m'àrach 's bheil tàmh mo shinnsir.