LAOIDHEAN NOLLAIG
KRISTNASKO
(en skotgaela lingvo)

Beb' de Maria | Child in the Manger
Aliaj Himnoj por BUNESSAN

Leanabh an Àigh

Le Màiri Dhòmhnallach (Mary Macdonald) (1817-90)
Air Fonn - Bun Easain (BUNESSAN) : MIDI TCH
(a chleachdar cuideachd airson "Morning Has Broken")

Fonto : Laoidhean Nollaig

  1. Leanabh an àigh, an Leanabh aig Màiri
    Rugadh san stàball, Rìgh nan Dùl;
    Thàinig do'n fhàsach, dh'fhuiling 'n ar n-àite
    Son' iad an àireamh bhitheas dhà dlùth!

  2. Ged a bhios leanabain aig rìghrean na talmhainn
    An greadhnachas garbh is anabarr mùirn,
    'S geàrr gus am falbh iad, 's fasaidh iad anfhann,
    An àilleachd 's an dealbh a' searg san ùir.

  3. Cha b'ionann 's an t-Uan thàinig gur fuasgladh
    Iriosal, stuama ghluais e'n tùs;
    E naomh gun truailleachd, Cruithfhear an t-sluaigh,
    Dh'éirich e suas le buaidh o ùir.

  4. Leanabh an àigh, mar dh'aithris na fàidhean;
    'S na h-àinglean àrd', b'e miann an sùl;
    'S E 's airidh air gràdh 's air urram thoirt dhà
    Sona an àireamh bhitheas dhà dlùth.

Air Fonn : Bun Easain (BUNESSAN)
ANONIMA, Antikva Gaela Melodio
MIDI TCH


TTT-Himnaro Cigneta
estas filia TTTejo de
Eldonejo Cigneto