GLEANN BHAILE CHAOIL

    
CHORUS:

     O, nach robh mi thall 's a' ghleann a' fuireach,
     O, nach robh mi thall an gleann Bhaile Chaoil,
     Nan robh mise thall 's a' ghleann a' fuireach
     Chan fhagainn e tuille-- gleann lurach mo ghaoil.


       'S a' mhadainn 'n uair dh' eirinn gun eislean gun ghruaim,
       'S e thug solas do m'inntinn bhith sealltainn riut suas,
       Chaneil gleann eil' air Gaidhealtachd bheir barr ort an snuadh;
       Gur mis tha fo chradh-lot bhith 'n drasd cho fad uait.

     CHORUS:

       'N uair dh' eireas a' ghrian air bu chiatach bhith ann,
       'S i cho fial, flathail, coibhneil, a' boillsgeadh air chrann
       I dusgadh nan lon dubh 's nan smeorach air gheig,
       Chur failte le'n ceol air a morachd 's an speur.

     CHORUS:

       'S e mo mhiann is mo dhureachd bhith dluth dhuit a ghnath,
       'S a bhith cuallach na spreidhe mach ri d' reidhleanan ard;
       Iad a' mireag 's a' leumraich, iad fein 's an cuid ail,
       'S bu bhinn leam an geumnaich na teudan nan clar.

     CHORUS:
English Words
Back to the Music