Steòrnabhagh Mór A' Chaisteil
[Fonn / Tune]
[Séisd]
Steòrnabhagh, 's e Steòrnabhagh,
Am baile 's bòidhche leam fo'n ghréin;
Steòrnabhagh, 's e Steòrnabhagh.
Steòrnabhagh mór a' chaisteil,
Bail' is motha th'air an t-saogh'l;
Ach co-dhiù is beag no mór e,
'S ann d'a leòid a's mór mo ghaol.
Bha thu riamh cho briagha bòidheach
Ceart mar òighe laghach ghrinn,
'S cuiridh mis' an céill dhuit òran
A bhios seòlta blasd' ri sheinn.
'S tric a shiubhail mi do shràidean,
'S och, bu shràiceil bhiodh mo cheum.
Mas do dh'fhàs mi odhar grànda
Le bhi tàmh fo theas na gréin'.
Chì mi fhathast fallain slàn thu,
Ma tha'n dàn dhomh fhéin bhi beò;
'S ged bu bhàs dhomh -- sud ort slàinte
Thìr mo ghràidh le gràdh gun ghò.