Iain Mac Mhurchaidh

Bàrd Chinn t-Sàile









O Far A-Nall Am Botul


[Fonn / Tune]



[Séisd:]
O far a-nall am botull,
Hé cum thall am bodach:
Nuair a chuireadh e oirnn sogan
'S e 'm botull bu docha leinn.


'S beag mo shunnda ris an àirigh
Far an d'fhàg mi an crodh àluinn,
Nach eil ann dhiubh ach na cnàmhan,
'S iad gun bhliochd gun àl gun laoigh.

'S b'e siod earrach dubh a' challa:
'S lìonmhor fear dha'n d'rinn e feannadh.
Ged a chaill sinn an crodh bainne
'S e na gearrain bha mi caoidh.

Bean an taighe, gaol an fhortain,
Aiseig dhuinn a-nall am botull:
Òlaidh sinn gun sunndach deoch dheth
Chum na bochdainn chur air cùl.

Lìon a h-aon dhiubh, lìon a dhà dhiubh,
Na biodh cùram ort ma phaigheadh --
'S mur a tachair e 'sa làmh rinn
Nì seiche na bò bàine 'n t-suim.

Fear aig a bheil crodh is cruachan,
Bidh e daonnan 'dol mu'n cuairt dhaibh:
Nuair a shaoileas e bhith 'n uachdar
'S ann bhios e 'n grunnd a' chuain fo thuinn.

Fear aig a bheil crodh is caoraich,
O, bu mhiann leis tuilleadh fhaotainn;
Ach ma gheobh sinn biadh is aodaich
Cha toir esan maoin do'n chill.

Chì mi thall na goibhrean ribeach,
'S chan eil ac' ach beagan bainne,
Mur b'e dhomh na rinn mi fheannadh,
O, gur beag mo thàrlas dhiubh.

Fhearaibh, na biodh oirbhse gruaimean,
Ged a chuir an t-earrach cruaidh oirnn:
Gheobh sinn creideas feadh na tuatha
A nì suas na thug e dhinn.





[Air Ais / Back]





Tha Mi Tinn, Tinn, Tinn


[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Tha mi tinn, tinn, tinn,
Tha mi tinn 's mi fo airtneal,
Ged nach innis mi do chàch
Ciod e fàth am bheil m'acain.


Bha mi uair dheth mo shaoghal,
Nach do shaoil mi gu'm faicinn,
Mo Chommandair cho teann orm,
'S a' bhall nach do chleachd mi.

Mi mar sheann duine gun spéis,
Ged nach léir dhomh ri fhaicinn,
'S mi gun fheum fo'n ghréin
Mur a dh'eubh mi air cairteal.

Mi gun chosnadh 'nam nàdur,
O 'n là chaidh mo bhàisteadh,
'S mór gum b'fheàrr mo chuir 'na chill,
No na mhill mi de thasdain.

'S olc an céile do mhnaoi òg
D'am bu chòir a bhi maiseach,
Fear nach cumadh rithe riamh
Bonn a riarachadh ceart i.

Mharbhainn fiadh 's dheànainn iasgach
Le siabadh na slàite,
'S cha robh mìochùis ort riamh
Nach bu mhiann leam a chasgadh.

Mharbhainn breac air linne bhùrn,
Agus udlaich' an Glas-bheinn;
'S bhiodh coileach-dubh agam air sgéith,
An àm dhuit éirigh 's a' mhaduinn.

'S maith a laidheas stocaidh bhàn,
Air a' chalpa nach b'àbhaist fhaicinn,
Troidh chruinn, chumar ann am bròig,
Dh'fhalbhas còmhnard air na leacan.

Air turas thug mi do'n taobh-tuath,
Chaill mi buannachd a' phòca,
Mu'n do thill mi dheth mo chuairt
Thug iad bhuam-s' thu 's chreach mi.





[Air Ais / Back]





O, Chan Eil Mulad Oirnn


[Fonn / Tune]



[Séisd:]
O, chan eil mulad oirnn,
Carson a bhiodh mulad oirnn?
Mulad chan eil oirnn no gruaim,
Gur fada bhuainn a ghabhadh e.


Bho'n sguir mi phàideadh màil
'S gu'n ruith mo chuid ás mo làimh,
'S ann a bhios mi 'nam thràill
Fo nàbaidh bh'agam roimhe seo.

Nuair a dh'éireas esan moch,
Feumaidh mise dhol a-mach;
Saoil sibh fhéin nach cruaidh an t-achd,
A bhi fo smachd an atharraich.

Teirgidh chuid dha'n duine chrionn'
Nach d'rinn bonn do dh'fhialachd riamh,
Their fear eile sin nach fhiach,
A chaith e trian dheth làthaichean.

Mairidh chuid dha'n duine chòir,
Gheibh càch dheth furan gu leòir,
Bith pailteas aige 's an ri bheò
Gè neònach le fear gléidhidh e.

Cridhe farsuing is e fial,
Coisnidh 's cosdaidh e a mhiann;
Nuair is faisg e air dol sìos,
Thig lìonmhorachd 'na làmhan-sa.

Cuir an t-searrag sin a-nall,
Brod e làn gu ruig an ceann,
Òlainn slàinte na bheil thall
A chionn 's gu'm faighinn naidheachd orr'.

Bho 'n reic sinn ar cuid nì,
'S gun d'fhuair sinn orr' an dìol phrìs,
'S duilich leam mur tig an t-sìth,
Nach leig an Rìgh an rathad leinn.

Togaidh sinn misneachd le fonn,
Bho nach deàn a chaochladh bonn;
Gheibh sinn na phàidheas an long
'S na chuireas fonn fo mhnàthan dhuinn.

Tha sinn gun fhearainn gun spréidh,
Cha d'toir an t-uachdaran dhuinn spéis,
Their e gur duine gun chéill
A rachadh ceum an rathad ud.

Ged a dh'fhanainn ás gu bràth,
Mura deàn mi mar their càch,
Thig fear eile nì na's fheàrr
Am bonn is àirde gabhar e.





[Air Ais / Back]





Òran America (Deàn Cadalan Sàmhach)


[Fonn / Tune]



Deàn cadalan sàmhach, a chuilean mo rùin,
Deàn fuireach mar tha thu, 's tu 'n dràsd an àit' ùr;
Tha òganaich againn làn beairteais 'us mùirn,
'S ma bhios tu 'nad aire, 's leat feareigin dhiubh.

Gur th' ann an America tha sinn an dràsd,
Fo dhubhar na coille nach teirig gu bràth;
'N uair dh'fhalbhas an dùdlach 's a thionndas am blàths,
Bidh cnothan is ùbhlan is siùcar a' fàs.

Tha sinne mar n-Innseanaich cinnteach gu leòir,
Fo dhubhar nan craobh cha bhi aon againn beò;
Coin-alladh 'us bèistean ag éigheach 's gach fròig
Tha sinne 'nar éiginn bho 'n thréig sinn Righ Deòrs.

Gur beag orm fhéin cuid de na treud a tha ann,
Le 'n còtaichean sgàrlait 's ad mhór air an ceann,
Le 'm briogaisean fada dol seachad an glìn,
Cha 'n fhaic sinn an t-osan, 's e bochdainn sin leinn.

Mo shoraidh an dràsd gu Ceann-t-Sàile nam bò,
Far 'n d' fhuair mi òg m'àrach 's 'nam phàisde beag òg;
Bhiodh òigearean sgoinneal air bhonnaibh ri ceòl,
'Us nighneagan dualach 's an gruaidh mar an ròs.

'N uair am foghar a stigh oirnn bhiodh sunnd,
Bheirt' fiadh as an fhireach 'us bradan as grunnd;
Na soithichean-sgadain a' tighinn dhachaidh fo shiùil,
Le 'n òigearan sgairteil nach taiseadh ri smùid.





[Air Ais / Back]





Gur Muladach A Tha Mi


[Fonn / Tune]



Gur muladach a tha mi,
'S mi 'n-diugh gun aobhar gàire;
Cha b'ionnan 's mar a bha mi
'S an àite bha thall;
Far am faighinn mànran,
Mìre, 's ceòl-gàire,
Agus cuideachd mar a b'àill leam,
Aig àilleas mo dhram.
Nuair shuidheamaid mu bhòrd ann,
Bhiodh botul agus stop ann;
'S cha b'eagal dhuinn le comhstrì,
Ged dh'olt' na bhiodh ann.
'S e th'againn anns an àite seo,
Tarruing dhòrn is làmh,
Agus cleas nan con bhi sàs
Anns gach àite le'n ceann.

Guidheamaid le dùrachd
A h-uile fear 'na ùrnaigh,
Gu'n tigeadh achd bho'n rìgh sin,
A b'fhurasd' dhuinn a dhìreadh
'S a chleachd bhi aig ar sinnsear
'S an tìm a bha ann;
Cha b'e 'm pàipear brònach,
A shràcadh 'nam phòcaid,
Bhiodh againn air son stòrais,
Ach òr gun bhi meallt';
Crodh is eich is feudail,
Dha'n cunntadh air an réidhlean,
Dheth 'm faighte sealladh éibhinn
Thar aodann nam beann.

Mo shoraidh gu Sgùrr Fhuaran,
'S an coire th'air an chùlthaobh,
Gur tric a bha mi dlùth ann,
Air chùl àgh is mhang,
Ag amharc air mo ghlùinean,
An dàmh a' dol 's a' bhuirich,
'S a chéile aig' 'ga dùsgadh,
Air ùrlar nan allt;
Cha b'e 'n duilleag chrìonach,
A chleachd e bhi 'ga bhiathadh,
Ach biolar ach mìn-lach,
Is sliabh gun bhi gann;
Nuair rachadh e 'ga iarraidh
Gu'n tàirneadh e troimh fhiaclan,
An t-uisge cho glan siolait,
Ri fìon as an Fhràing.

Mo shoraidh leis an fhiadhach,
G'e tric a bha mo mhiann ann;
Cha mhó nì mi iasgach
Air ìochdar nan allt;
G'e b'ait leam bhi 'ga iarraidh,
Le dubhan, is le driamlach,
'S am fear bu ghile bian dhiubh,
'Ga shiabadh mu m'cheann;
'Ga tharruing bho na bruaiche,
Bhiodh cuibhle 'dol mu'n cuairt leis;
Is cromag ann 'ga bualadh,
Mu'n tuaim a bhiodh ann;
Ach 's e th'againn anns an àite seo,
"Gripping-hoe" 's làmhag,
'S cha'n fhasa leam a' "mharlin"
'Cur tairnich 'nam cheann.

Nam faighte làmh-an-uachdar
Air luchd nan còta ruadha,
Gu'n deànainn seasamh cruaidh
Ged tha 'nuair orm teann;
Ged tha iad 'gar ruagadh,
Mar bhric a' dol 's na bruachan,
Gu'm faigh sinn fhathast fuasgladh,
Bho'n uamhas a th'ann.
Ma chreideas sibh an fhìrinn,
Cho ceart 's tha mi 'g innseadh,
Cho cinnteach ris an disne,
Gur sibhs' bhios an call;
Gur e 'nur deireadh dìbreadh,
Air fhad 's dha'n cùm sibh strì ris;
Na's miosa na mar dh'inntrig,
'S gur cinnteach gur h-ann.

Siud an rud a dh'éireas,
Mur deàn sibh uile géilleadh,
Nuair thig a chuid as tréine,
Dheth 'n treud a bha thall;
Bithidh crochadh agus reubadh,
Is creach air na cuid spréidhe;
Chan fhaighear lagh no reusan,
Do reubailtaich ann.
Air fhad 's dha'n gabh sibh fogair
Bi ceartas aig Rìgh Deòrsa.
Cha bharail dhomh gur spòrs dhuibh,
An seòl chaidh sibh ann,
Ach 's cùlaidh-ghnàth is dheisinn
Sibh fhad 's dha'n cùm sibh streup ris;
'S gur aithreach leibh an déidh seo
An leum thug sibh ann.





[Air Ais / Back]